HARRIS TWEED CLOCKS

S H O P  

Bùth

A B O U T  U S

Mu ar deidhinn

C O N T A C T  U S  

Fios thugainn

H A R R I S  T W E E D

An Clò Hearach

L E W I S  A N D  H A R R I S

Leòdhas agus Na Hearadh

HEBRIDES ALPHA

1-DSC_0315-001

Harris Tweed is the oldest registered trademark in the UK and it has a real story to tell. It is protected by the Harris Tweed Act of Parliament 1993 which strictly outlines the conditions in which the cloth can genuinely be made.

 

Harris Tweed is an ethical, luxury brand which is recognised worldwide and operates in a global market. When customers buy Harris Tweed, they are buying a piece of the Harris Tweed story – its culture, its heritage, its traditions, its history, its villages, its landscape and its people.  The land and the people are woven into the very fabric of the cloth.

 

The creation of Harris Tweed begins with fleeces of pure virgin wools. Once sheared, the wool is delivered to one of the three Harris Tweed mills, where it is cleaned and dyed in a wide variety of colours. The wool is then blended, carded, spun and warped before being sent out to the weavers where the wool is hand woven on a treadle loom at the weaver's home. The weaver will arrange hundreds of heddles to a specified pattern, before the beam of warp yarn is tied in to the loom by hand. The weaver will then set up the weft threads, pulling bobbins of yarn through a series of guides to be woven into the warp threads by a flashing rapier. Once ready, the weaver begins to weave; always observing, correcting, mending and amending their creation until complete. The loom is manually powered by a simple pedal mechanism.

 

The tweed returns to the mill and passes through the nimble hands of experienced and sharp-eyed darners who correct even the smallest of flaws. Once ready, the cloth is finished. Dirt, oil and other impurities are removed by washing and beating in soda and soapy water before it is dried, steamed, pressed and cropped to a perfect, flawless condition.

 

The final process is the examination by the independent Harris Tweed Authority, before application of the famous Orb trademark which is ironed on to the fabric as the ultimate seal of approval.

 

Harris Tweed

harris tweed

An Clò Hearach

Is e comharra-malairt a’ chlò Hearaich am fear as sine san RA agus tha fìor sgeula air a chùl.  Tha e air a dhìon le Achd Pàrlamaid a’ Chlò Hearaich 1993 a tha a’ cur an cèill gu teann na suidheachaidhean anns am faod an clò a bhith air a dhèanamh gu bhith a rèir a’ chomharra.

 

Is e brand eiticeil, aig ceann shuas na margaidh, a tha sa Chlò Hearach, aithnichte air feadh an t-saoghail agus ri fhaotainn sa mhargaidh chruinneil.  An uair a bhios daoine a’ ceannach a’ Chlò Hearaich, tha iad a’ ceannach pàirt de sgeula a’ Chlò Hearaich – a chultar, a dhualchas, a thraidiseanan, eachdraidh, a bhailtean, a shealladh-tìre agus a dhaoine.  Tha am fearann agus na daoine air am fighe a-steach dhan aodach fhèin.

 

Tha an clò Hearach a’ tòiseachadh le rùsg chaorach den chlòimh as mìne a gheibhear.  Aon uair ’s gu bheil a’ chaora air a bearradh, bidh a’ chlòimh air a toirt gu aon de na trì muilnean Clò Hearaich agus air a nighe is air a dath ann an grunnan mòra de dhathan.  Tha an snàth air a cho-mheasgachadh, air a chàrdadh, air a shnìomh is air a dheilbh mus tèid a chur a-mach gu breabadair far a bheil a’ chlòimh air a fighe air beart aig dachaigh a’ bhreabadair.  Seataidh am breabadair a’ bheart gu pàtran sònraichte, thèid an snàth-deilbh a cheangal a-steach dhan bheart.   Cuiridh am breabadair an uair sin na bobain snàth nan àite a bhios mar snàth-dlùth a bhios a’ dol air ais is air adhart le rapaidhear.  Aon uair ’s gu bheil sin deiseil, tòisichidh am breabadair a’ fighe an aodaich; a’ cumail ro fhaire air a’ bheart,  a’ ceartachadh, a’ càradh is a’ sìor atharrachadh an nì a tha e a’ cruthachadh.  Is e inneal casachain sìmplidh a thathar a’ cleachdadh an uair a bhithear a’ fighe.  

 

Thèid an clò a thilleadh air ais dhan mhuilinn agus thèid sùil gheur a thoirt air leis an luchd-dàrnaigeadh a nì cinnteach nach bi càil ceàrr air a’ phàtran tron chlò air fad.  Aon uair ’s gum bi iad deiseil, bi sin an clò air a chrìochnachadh.  Bidh salchar, ola agus nithean eile air an toirt air falbh le bhith a’ nighe a’ chlò ann an sòda agus bùrn siabainn mus tèid a thiormachadh, a stiomaigeadh, a dhèanamh rèidh agus a sgioblachadh gus am bi e ann am fior dheagh dhòigh.  

 

Is e am pròiseas mu dheireadh e a bhith air a sgrùdadh le Ughdarras a’ Chlò Hearaich, mus tèid - an Orb- an comharra-malairt ainmeil, iarnaigeadh air, a’ daingneachadh gur e an fhìor chlò a tha ann.

"A unique and special gift from the Hebrides of Scotland"